runrig – na h-uain a’s t-earrach كلمات اغاني
[verse 1]
’s iomadh latha a rinn sinn suidhe
rinn sinn suidhe ’s ghabh sinn smuaint
dè math bhith suidhe fàs nas aosd’
’s làithean earraich a’ falbh bhuainn
[verse 2]
chuir sinn ar cànan nar cridhe
fhuair sinn òran ’s rinn sinn seinn
thoir dhuinn làmh còmhnaidh ’s seinnibh còmh rinn
’s le chèile togaidh sinne fonn
[chorus]
òg, tha sinn òg
òg nar cridhe
beatha nar coinneamh
coinneal nar làimh
’s ann againn tha neart
is ann againn tha ’n cothrom
nar cridhe gu bràth
tha sinn òg
tha sinn òg
[verse 3]
tha sibh mar na h_uain as t_earrach
siubhal ’s a leum, tapaidh, saor
ach an fhaca sibh na caoraich aosd’
nì aon dhuibh gluasad ’s leanaidh ’n cor
[verse 4]
nuair bhios na bliadhnaichean dol bhuaibh
lathan doirbh lathan dorch’
cùm do choinneil an àrd is laiste
’s coisich an saoghal le cridhe òg
[chorus]
òg, tha sinn òg
òg nar cridhe
beatha nar coinneamh
coinneal nar làimh
’s ann againn tha neart
is ann againn tha ’n cothrom
nar cridhe gu bràth
tha sinn òg
tha sinn òg
òg, tha sinn òg
òg nar cridhe
beatha nar coinneamh
coinneal nar làimh
’s ann againn tha neart
is ann againn tha ’n cothrom
nar cridhe gu bràth
tha sinn òg
tha sinn òg
كلمات أغنية عشوائية
- quuencore › quuencore – скажи (say) كلمات اغاني
- gumballshiit › gumballshiit – .денежки люблю (.loving money) كلمات اغاني
- ren zotto › ren zotto – casket كلمات اغاني
- bryan bueno › bryan bueno – sorry كلمات اغاني
- athena p › athena p – phillip (the reprise) كلمات اغاني
- william byrd › william byrd – deus venerunt gentes كلمات اغاني
- discharge › discharge – ignorance your surrender كلمات اغاني
- marmore de carrara › mármore de carrara – desert tree كلمات اغاني
- fridayy › fridayy – 3am in ny كلمات اغاني
- torwi › torwi – nie wieder wichsen كلمات اغاني