kalimah.top
a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 #

calum alex macmillan – thug iad a thung thu كلمات اغاني

Loading...

gu dè ged dh’èireadh a’ ghrian
gu dè ged a ghoireadh na h_eòin?
ceòl fìdhle no pìoba cha dèan
dèan sugraidh dhomh dhùsgadh dham dheòin

thug iad a thung a’ bhradain ‘s a’ mhurain thu
thug iad a_null a dh’fhuireach, a lurain, thu;
a_null air an fhadhail mo bhalachan bàn chaidh
a_null air an fhadhail mo bhalachan bàn chaidh

gu dè ged a chinneadh mo bhàrr
lìonmhor ged dh’fhàsadh mo bhuar?
cha lìon is cha bhlàthaich siud d’ àit
às d’ eugmhais tha fàs falamh fuar
gur binne gu mòr leam do ghàir
na ‘n ceòl thig o chlàrsaich nan teud
na ‘n uiseag air moch mhadainn mhàigh
na chuthag ‘s gug_gug aic’ air gheug

chaoidh do cholainn na agradh an stàit
gu bhith leatha ‘s na blàiribh ri spòrs
mar nach biodh annad, a ghràidh
ach tàileasg len cluichear air bòrd

o sguiribh, luchd eanchainnean geur’
dheilbh lèir_sgrios a dh’oidhche ‘s a lò;
ur n_eagnaidheachd cuiribh gu feum
is fàgaibh mo bhalachan_sa beò
you might also like

كلمات أغنية عشوائية

اهم الاغاني لهذا الاسبوع

Loading...