calum alex macmillan – òran an fheòir كلمات اغاني
s ann ort a bha coltas le t_fhallus mu d’ ghnuis
ri gearradh a ghlais fheur, le speal nach robh ùr
cha ghleidheadh i an gliasadh, ach beagan de dh’ uin
bha am faobhar air caitheamh cho fada gu chùl
am feur rinn thu spealladh air leig ann’ ‘ic caoidh
a thiormaich thu criona, air glasach an uillt
air a thorradh na thudain bha cumhad cho grinn
chuir na balaich le ‘n cuidthrom, a chruth bun os cionn
chaidh an t_uisge steach troimhe, bho mhullch gu mhàs
air fàs teth na mheadhon. agus malcaidh air fàs
faileadh dongaidh dheth tighinn a mach as a bharr
is b’ fheudar a sgapadh, le forc agus graip
is ann shios air an talamh, aig fasgadh an uillt
bha an goca den ghlais fheur a sgioblaich thu cruinn
chaidh a mhilleadh le balaich, bha goid air an oidhch’
chan itheadh an t_each e, an gabhuinn na ‘n laogh
thog thu ‘n goca na eallach, le taod air do dhruim
is shlaod thu e dhachaidh, bho ghlasadh an uillt
ged rinn thu e chrathadh, sa sgaoileadh ri gaoith
sa thionndeadh le forca cha thiormaich e chaoidh
bha thusa den bheachd, nach fhaigheadh balaich co_dhìu
a_steach air a challaid, chuir thu timchеall an uillt
ach fiach nach e seoni, tha shios aig a’ bhùth
is alasdair an phortair, a chreach thu sa spùin
tha iadsan cho abhcaidеach seòlta agus ciunn
le ‘n dibhearsain gun mhill iad, an goc ort co_dhiù
ged a dhèanadh tu a sgolladh, sa ghlanadh san allt
bithidh faileadh is boladh, ga leantainn a chaoidh
‘s e bu choir dhuit a dhèanamh dheth siaman feòir
sa thoinneamh mum amhaich san tachdadh ‘s iad beò
toirt orrasan ithe, gach sop agus dlo
den fheur chaidh a mhilleadh, ‘s nach itheadh a bhò
do mhallachd gan leantainn, am fad bhios iad beò
son a chall a chaidh ortsa aig milleadh an fheòir
ach dean thus an ath bhliadhna, callaid bhios mòr
le cord iarrainn gathach ‘s cha tig iad na choir
you might also like
كلمات أغنية عشوائية
- aaron reflex › aaron reflex – 718 كلمات اغاني
- sig roy › sig roy – together كلمات اغاني
- pizza delivery service › pizza delivery service – ghost town feedback كلمات اغاني
- theoutrightworst › theoutrightworst – godspeed كلمات اغاني
- brittany howard › brittany howard – history repeats (georgia anne muldrow geemix) كلمات اغاني
- cucineremo ciambelle › cucineremo ciambelle – pallone gonfiato كلمات اغاني
- big hoss › big hoss – frank lopez كلمات اغاني
- tigertailz › tigertailz – action city كلمات اغاني
- 張進翹 manson cheung › 張進翹 (manson cheung) – 今天我不想做嘢 (i wanna do nothing) كلمات اغاني
- rapha vagaboard › rapha (vagaboard) – manuscrito كلمات اغاني