kalimah.top
a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 #

calum alex macmillan – nam faighte long dhomh كلمات اغاني

Loading...

na faighte long dhomh gun cuirinn a_null thu
far bheil do mhuintirr an eilean leòdhais
is chuirinn fhèin ann an cladh na h_aoidh thu
mus caidlinn oidhch’ far an robh mi eòlach

is thus air bòrd innt bu luath a sheòlainn
is ruiginn leòdhas gu sgiobalt’ gleusd
‘s chuirinn canada a_mach à fàire
na seasadh spàr air a sail na deidh

‘n ear san ear_thuath is mi ga stiùireadh
‘s e sin an cùrsa gu rònaidh tuath
dheidh car na cuibhle gu ceann an tiumpan
gu tigh a’ bhìbear ri roinn na stòr

ri dol mu shiadair gur mi bhiodh cianail
ged tha seachd bliadhna bhon dh’ fhàg mi e
‘s mi faicinn saothar do chuirp ‘s do làmhan
gun cheò no blàths’ ann nad fhàrdach fhèin

ged bhithinn tùrsach gun cumainn suas i
cha rachainn tuath ri sguir iomhair leth
ach stiùirinn fhèin i air cùrsa dhìreach
is gabhainn air tir leatha aig ceann a’ bhràigh

thigeadh do chàirdean thoirt urram bàis dhut
‘s iad gad ghiulan gu teach na cnamh
‘s nach biodh m’ athairsa dhomhsa sealltainn
an àit’ bu mhiann leat aig àm do bhàis

chuirinn sìos thu sa chadal iarrain
far na dh’ fhàg thu d’ fhiacaill, ‘s do bhean ‘s do phàisd
an àit bu mhiann leat nuair dheidh an ùir ort
ri taobh na triùir ud gu bhith nad thàmh

ach tha mi ‘n dòchas gu bheil thu sàbhailt
‘s gun coinnich mi fhìn riut ‘s ri mo bhràthair
far an tèid na h_oidhean a_steach le aoibhneas
‘s cha sguir an t_seinn ann a dh’ oidhch no latha
you might also like

كلمات أغنية عشوائية

اهم الاغاني لهذا الاسبوع

Loading...