
runrig - tir a' mhurain كلمات أغنية
tìr a’ mhurain
tìr a’ mhurain
tìr a’ mhurain
trobhad is coisich rium
ri taobh a’ chuain
is seallaidh mi dhuit
tìr a’ mhurain
fàilte gu mo dhàn
sìol is meas nam bàrd
am foghar bha feitheamh orm
bho an là a bha mi òg
trobhad is coisich rium
ri taobh a’ chuain
is seallaidh mi dhuit
tìr a’ mhurain
fàilte gu mo thìr
eilean geal an iar
an t-àite a chì gach tuigse is fìrinn
glaiste ‘na mo chridhe
trobhad is coisich rium
ri taobh a’ chuain
is seallaidh mi dhuit
tìr a’ mhurain
fàilte gu mo chainnt
is i dh’ionnsaich mi ‘nam phàisde
cànan uasal mòr nan gàidheal
mar bhratach dhomh gach là
trobhad is coisich rium
ri taobh a’ chuain
is seallaidh mi dhuit
tìr a’ mhurain
is ged a dh’fheuch iad ri cur as dhuinn
chì mo theaghlach cnoc nan linn
is ged tha ar cànan leònt’ le strì
‘s an tìr seo bidh i beò
trobhad is coisich rium
ri taobh a’ chuain
is seallaidh mi dhuit
tìr a’ mhurain
كلمات أغنية عشوائية
- 95base - mistake كلمات أغنية
- lionware & felino brown - a wana wana كلمات أغنية
- yl2s - loin كلمات أغنية
- yugen - pas le temps كلمات أغنية
- vivian hsu - xing fu de lun kuo كلمات أغنية
- mc zirkel - feuer كلمات أغنية
- dora the explorer - magic music box كلمات أغنية
- paradise ltd & wild culture - somebody كلمات أغنية
- g2 esports - our way كلمات أغنية
- jemr - más fácil كلمات أغنية