mànran - fios كلمات الأغنية
tha a’ mhadainn soilleir grianach ‘s a’ ghaoth ‘n iar a’ ruith gu rèidh;
tha an linne sleamhainn sìochail on a chiùinich strì nan speur;
tha an long na h_èideadh sgiamhach, ‘s cha chuir sgìos i dh’iarraidh tàmh;
mar a fhuair ‘s a chunnaic mise, a’ toirt an fhios seo chun a’ bhàird
seo crùnadh mais’ a’ mhìos san tèid don dìthreabh treudan bhò
do ghlinn nan lagan uaigneach anns nach cuir ‘s nach buainear pòr
leab_innse buar nan geum _ cha robh mo roinn diubh ‘n_dè le càch;
mar a fhuair ‘s a chunnaic mise, thoir am fios seo chun a’ bhàird
ged a roinneas gathan grèine tlus nan speur ri blàth nan lòn
‘s ged a chìthear sprèidh air àirigh, is buailtean làn de dh’ àlach bhò
tha ìle ‘n_diugh gun daoine, chuir a’ chaor’ a bhailtean fàs;
mar a fhuair ‘s a chunnaic mise, thoir am fios seo chun a’ bhàird
ged a thogar feachd na h_alb’, as cliùiteach ainm air faich’ an àir
bithidh bratach fhraoich nan ìleach gun dol sìos ga dìon le càch;
sgap mì_rùn iad thar na fairge, ‘s gun ach ainmhidhean balbh nan àit’;
mar a fhuair ‘s a chunnaic mise, thoir am fios seo chun a’ bhàird
cha chluinnear luinneag òighean, sèist nan òran air a’ chlèith
‘s chan fhaicear seòid mar b’ àbhaist a’ cur bàir air faiche rèidh;
thug ainneart fògraidh bhuainn iad; ‘s leis na coimhich buaidh mar ‘s àill;
leis na fhuair ‘s a chunnaic mise, thoir am fios seo aig a’ bhàird
chan fhaigh an dèirceach fasgadh no ‘m fear_astair fois o sgìos
no soisgeulach luchd_èisdeachd; bhuadhaich eucoir, goill is cìs;
tha an nathair bhreac na lùban air na h_ùrlair far an d’fhàs
na fir mhòr’ a chunnaic mise; thoir am fios seo chun a’ bhàird
كلمات أغنية عشوائية
- sleetil - жизнь без жизни(life without life) كلمات الأغنية
- pixitrix - gameboy كلمات الأغنية
- jxma destine - honey bee كلمات الأغنية
- 4am (deu) - silly watch كلمات الأغنية
- stormwind - holy land كلمات الأغنية
- nefti - zihnimdeki melodi كلمات الأغنية
- chwytak - jebiemieto كلمات الأغنية
- lil monk - fucked up (1take) كلمات الأغنية
- curse of lono - all i got كلمات الأغنية
- enchanting - want sum كلمات الأغنية