
julie fowlis - bothan àirigh am bràigh raithneach كلمات أغنية
[verse]
gur e m’ anam is m’ eudail
chaidh an_dè do ghleann garadh
fear na gruaig’ mar an t_òr
is na pòg air bhlas meala
[chorus]
o hi ò o hu ò, o hi ò o hu ò
hi rì ri ò hu eile
o hì ri ri ri ò gheallaibh ò
[verse]
is tu as fheàrr don tig deise
de na sheasadh air thalamh
is tu as fheàrr don tig culaidh
de na chunna mi dh’ fhearaibh
[verse]
is tu as fheàrr don tig osan
is bròg shocrach nam barrall
còta lunnainneach dubh_ghorm
is bidh na crùintean ga cheannach
[verse]
an uair a ruigeadh tu ’n fhèill
is e mo ghèar_sa a thig dhachaigh
mo chriosan is mo chìre
is mo stìomag chaol cheangail
[verse]
thig mo chrios à dùn eideann
is mo bhrèid à dùn chailleann
gheibh sinn crodh as a’ mhaorainn
agus caoraich à gallaibh
[verse]
is ann a bhios sinn ’gan àrach
air àirigh am bràigh raithneach
ann am bòthan an t_sùgraidh
is gur e bu dùnadh dha barrach
[verse]
bhiodh a’ chuthag ’s an smùdan
a’ gabhail ciùil duinn air chrannaibh
bhiodh an damh donn ’s a bhùireadh
gar dùsgadh sa mhadainn
كلمات أغنية عشوائية
- roberta d'angelo - ayo a fari dinari كلمات أغنية
- illenium - all together كلمات أغنية
- ricky official - heart of the city كلمات أغنية
- zenglen - 5 kontinan كلمات أغنية
- die geschwister fahrnberger - zwischen den bergen كلمات أغنية
- ortega da alcz - el ayam - الايام كلمات أغنية
- mansour - sepid barfi كلمات أغنية
- jerry lee lewis - rock & roll time كلمات أغنية
- mario hampu - ozn (full blast) كلمات أغنية
- fada vex الشيخ مليك - enakba #6 كلمات أغنية