
julie fowlis - a ghaoil leig dhachaigh gum mhathair mi كلمات أغنية
a ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi
a ghràidh, leig dhachaigh gum mhàthair mi
a ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi –
an tòir chrodh-laoigh a thàine mi
gur ann a-raoir a chuala mi
mo ghaol a bhith ri buachailleachd
‘s ged fhuair thu ‘n iomall na buaile mi
a ghaoil, leig dhachaigh mar fhuair thu mi
‘s mi dìreadh ris na gàrraidhean
‘s a’ teàrnadh ris na fàirichean
gun d’ thachair fleasgach bàigheil rium
‘s cha d’ dh’ fheuch e bonn ga chàirdeis rium
ged bheireadh tu crodh agus caoraich dhomh
ged bheireadh tu eachaibh air thaodaibh dhomh
ged bheireadh tu sin agus daoine dhomh
a ghaoil, leig dhachaigh mar fhuair thu mi
trodaidh m’ athair ‘s mo mhàthair riut
trodaidh mo chinneadh ‘s mo chàirdean riut
ach marbhaidh mo thriùir bhràithrean thu
mura tèid mi dhachaigh mar thàine mi
gheall mo mhàthair gùn thoirt dhomh
gheall i ribean a b’ ùire dhomh
is gheall i breacan ùr thoirt dhomh
ma thèid mi dhachaigh mar fhuair thu mi
a ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi
a ghràidh, leig dhachaigh gum mhàthair mi
a ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi –
an tòir chrodh-laoigh a thàine mi
كلمات أغنية عشوائية
- michale graves - crying on a saturday night كلمات أغنية
- jordan max - let me lay down كلمات أغنية
- the jacka & ampichino - life on the line كلمات أغنية
- the black crowes - lucy in the sky with diamonds كلمات أغنية
- mark battles - fly by this كلمات أغنية
- the weekend riot - hands in the air كلمات أغنية
- loud forest - i'm not your girl كلمات أغنية
- angels of light - failure كلمات أغنية
- josh doyle - i figured the world out كلمات أغنية
- josé luis perales - muchacho solitario كلمات أغنية