balach - leisgeulan fann كلمات أغنية
[verse 1]
searradh amhaich am meadhan an earraich
ùr_bhreith nam ìnean
a’ siubhal air ite ‘s ag amharc le uaill
uan a_measg nan sìthean
[verse 2]
ri grìosadh an teine agam fhìn le mòine
connadh gus fuath a sgapadh mun cuairt
tha ‘n fhuachd ann a_nis, tha mo bhruadairean cho trom
gun fuath do dhuin’ ach mi_fhìn
[chorus]
bu mhiosa buileach gur mis’ a bhios tùrsach
‘s nì rànail air òrdag bun os cionn air youtube
cha lorg fear brèige an solas na grèine
àite falaich air cùlaibh leisgeulan fann
‘s iad a tha gann, iad a bha ann
‘s cha lorg mi maitheanas mura h_èist iad rium
chan eil mise fiùghail ach a’ faighneachd co_dhiù
eil sealladh na fala tabhachd blàths na do bhrù?
[verse 3]
fuil is fallas, dùil ri gamhlas
drùidhte bha na sìtheanan
dòrtadh gu socair, na boinneagan blàth
an tiodhlac bha nam ìnean
[verse 4]
le samhradh cha tàinig blàths man a b’ àbhaist
ach futhar is bruthainneachd chruaidh
thàinig sgòthan a rabhadh uisg’ a rinn bàthadh
ach nach mùchadh an nàire nam ghruaidh
[chorus}
bu mhiosa buileach gur mis’ a bhios tùrsach
‘s nì rànail air òrdag bun os cionn air youtube
cha lorg fear brèige an solas na grèine
àite falaich air cùlaibh leisgeulan fann
‘s iad a tha gann, iad a bha ann
‘s cha lorg mi maitheanas mura h_èist iad rium
chan eil mise fiùghail ach a’ faighneachd co_dhiù
eil sealladh na fala tabhachd blàths na do bhrù?
[instrumental]

كلمات أغنية عشوائية
- yook sungjae - 할많하않 (hmhn) كلمات أغنية
- digga d - g lock (original version) كلمات أغنية
- spider gang - no effort كلمات أغنية
- patsy torres - get the party started كلمات أغنية
- ele a (che) - on the level كلمات أغنية
- mc bangu - números primos كلمات أغنية
- wangechi - intro كلمات أغنية
- the nightmares (band) - everything pretty changing كلمات أغنية
- nicole c. mullen - miracles كلمات أغنية
- rocklife zho - trim كلمات أغنية