balach - air do shocair, a mhòrag كلمات الأغنية
[verse 1]
air do shocair, a mhòrag
tha am fear ud agad na do phòcaid
dh’fhidir e na bh’ agad mu do chasan:
“an e siud a th’ aca anns an fhasan?”
[verse 2]
is cha b’ e na bh’ agad mu do chasan
san eaglais madainn na sàbaid
a dh’fhàg esan cho sàmhach
nochd fear eile is thusa fo ghàirdean
[verse 3]
cha robh guth aige ri ràdh dhut
nach ann aige a tha liut
air sùgradh agus mànran:
“‘s fheàrr leamsa nighean le ‘fake_tan'”
[chorus]
gu dè tha na do cheann
is gad fhàgail cho buileach fiadhaich?
a bheil thu às do chiall?
cha do ghoirtich aodach duine a_riamh
leanabail, loma_làn
de leisgeulan is bhreugan grànda
mun dòigh sa bheil i ceàrr
a bheil thu faireachdainn nas fheàrr?
[verse 4]
“an cuala duine guth bho mhàiri?
bha i fiadhaich ‘s a’ sabaid ri a nàbaidh
steach leis an deoch às leis a’ chiall
mar sin bha na daoine ud bho riamh.”
[verse 5]
“cà’ robh ceit? a’ cadal na leabaidh?
abair cadal bha dithis aca air an ‘settee’
tà, chan eil taobh aice ach ri dadaidh
co_dhiù b’ ann mar sin a chuala mise i.”
[chorus]
gu dè tha na do cheann
is gad fhàgail cho buileach fiadhaich?
a bheil thu às do chiall?
cha do ghoirtich aodach duine a_riamh
leanabail, loma_làn
de leisgeulan is bhreugan grànda
mun dòigh sa bheil i ceàrr
a bheil thu faireachdainn nas fheàrr?
[post_chorus}
a’ sgeith nam breugan gun diù a’ choin
a’ milleadh beatha neo_chiontach gun ghuth air a’ chron
a nì e air nighean
a nì e air beatha
a’ nighe nàire bhuat fhèin le gràine
[bridge]
air do shocair, a mhòrag
tha am fear ud agad na do phòcaid
air do shocair, a mhòrag
air do shocair, a mhòrag
[chorus]
gu dè tha na do cheann
is gad fhàgail cho buileach fiadhaich?
a bheil thu às do chiall?
cha do ghoirtich aodach duine a_riamh
leanabail, loma_làn
de leisgeulan is bhreugan grànda
mun dòigh sa bheil i ceàrr
a bheil thu faireachdainn nas fheàrr?
كلمات أغنية عشوائية
- talib kweli - leslie nope كلمات الأغنية
- wild arrows - dark me كلمات الأغنية
- puddle of mudd - better place (acoustic) كلمات الأغنية
- hustensaft jüngling - fendi gürtel (remix) كلمات الأغنية
- l.o.c. - gentlemen كلمات الأغنية
- hüsker dü - i don't know what you're talking about كلمات الأغنية
- #shoesoff - decisions كلمات الأغنية
- yungen - lights down كلمات الأغنية
- niall james holohan - victor’s mother juliet كلمات الأغنية
- slim lessio - c'est chaud كلمات الأغنية